Wednesday 3 December 2014

Sùil Eile air ceist an Fhearainn

Sùil Eile airson an Daily Record

‘S math gu bheil ceist an fhearainn air ais air clàr-gnothaich an riaghaltais; tha mi a’ cur fàilte air Nicola Sturgeon dhan a’ champa bheag a tha ag iomairt airson na cùise.

Mar as àbhaist leis an SNP, cha chanadh tu gu robh riaghaltas sam bith eile an sàs anns a’ ghnothach bho Ghladstone. Thàinig a’ mhòr-chuid de leudachadh air ceist an fhearainn fo riaghaltas Làbarach.

Ach leig sin seachad agus gluais air adhart còmhla, chanainnsa.

A thaobh chùisean mar chìsean dha oighreachdan spòrs, tha sin ciallach agus cothromach, chan e radaigeach.

Agus ‘s ann practaigeach a bu chòir dhan riaghaltas a bhith. Chan eil càil a dh’fheum air ath-nuadhachadh air an fhearann gun daoine anns na bailtean croitearachd.

Sa chiad àite dh’fhaodadh Sturgeon an taic-airgid airson taigheadas croitearachd a dhùblachadh agus an sgeama a leudachadh airson spionnadh a thoirt do bhailtean iomallach.

Tha an t-airgead ann. Tha croitearan an-dràsta a’ sporghail airson beagan taic-airgid airson nan lotaichean aca, agus na milleanan air an sgrios a’ toirt taic dha tuathanaich agus uachdarain mhòra gun fheum sam bith.

English translation

It is good that the land question is back on the government agenda; I welcome Nicola Sturgeon to the small camp campaigning on the issue.

As usual with the SNP you wouldn’t think any other government had been involved in the business since Gladstone’s time. Most of the movement on the land question came from a Labour government.

But let that pass and move forwards together, I’d say.

On issues like tax on sporting estates, that is just sensible and fair, not radical.

And practical is what the government ought to be. There is no point in renewing the land without people living in the crofting villages.

In the first place Sturgeon could double the financial support for crofter housing and widen the scheme to give a boost to remote villages.

The money is there. Crofters are scrabbling around just now for a little grant money for their lots, and millions are wasted giving financial support to big farmers and landlords for no use at all.

No comments:

Post a Comment